Am Bìoball Gàidhlig 1992

Teanga: Gàidhlig

Eolas Fé Leagan

Am Bìoball Gàidhlig 1992
'S i cànan Ceilteach a tha ann Gàidhlig na h-Alba, le ceangalan ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Mhanainn. Aig aon àm (c. 1000 AD) bhathas ga bruidhinn air feadh Alba, ach tha i air crìonadh gu mòr bhon uairsin agus an-diugh tha mu 60,000 ga bruidhinn — mòran dhiubh anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh an Tiomnadh Nuadh fhoillseachadh ann an Gàidhlig na h-Alba an toiseach ann an 1767. Ann an 1801 chuireadh crìoch air an t-Seann Tiomnadh, agus chaidh deasachadh leasaichte den Bhìoball gu lèir fhoillseachadh ann an 1807. Ann an 1911 rinn an t-Urramach Calum Mac-Ill-Innein, D.D., deasachadh den Bhìoball a thàinig a-mach mar Bhìoball pòcaid, agus 's e an deasachadh sin as bunait don deasachadh seo. Thòisicheadh air an deasachadh ùr seo den Bhìoball Ghàidhlig ùine ghoirid an dèidh an Dara Cogaidh. B' e am fear-deasachaidh an t-Urramach Tòmas M. MacCalmain, M.A., D.D., agus shaothraich e gus an do chaochail e anns an Fhaoilleach, 1984

Le taic is iarrtas Comann-Bhìoball Dùthchail na h-Alba, rinneadh ath-thòiseachadh air an deasachadh seo ann an 1986. B' e am fear-deasachaidh Dòmhnall Eachann Meek, M.A., Ph.D., F.R.Hist.S., Fear-teagaisg nan Cànainean Ceilteach ann an Oilthaigh Dhùn Èideann. Chaidh litreachadh a' Bhìobaill ùrachadh gu ìre riaghailtean Bòrd-Sgrùdaidh an S.C.E. le cead is taic an Ollaimh MhicCalmain agus le rùn Panal Gàidhlig a' Chomainn-Bhìoball. Dh'fhoillsich Comann-Bhìoball Dùthchail na h-Alba (a-nis, bhon bhliadhna 2000, air an ainmeachadh Comann-Bhìoball na h-Alba) an deasachaidh ùir seo ann an 1992.

Bha miann ann Am Bìoball Gàidhlig fhaighinn air-loidhne agus ann an riochd didseatach, agus mar sin chaidh pròiseact ùr a chur air chois anns an Lùnastal 2014 gus teacsa a' Bhìobaill a bhiathadh a‑steach gu coimpiutair. (Chaidh cuid de mhearachdan litreachaidh anns an teacsa a cheartachadh mar phàirt den phròiseas seo.) Airson an obair a rinn iad air seo, tha taing ro‑mhòr ri thoirt dha na leanas: An t‑Urr. Coinneach M. Fearghastan, Mòrag NicIlleathain, Anna NicSuain, Catriona Mhoireach, Mòrag NicDhòmhnaill, Aonghas Moireasdan, Joan NicAonghais, Anna Cheannadach, Niall Mac a' Ghobhainn, Ruairidh MacIlleathain, Criosaidh NicRath agus Dòmhnall I. Dòmhnallach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2016

The Gaelic Bible 1992
Scottish Gaelic, also called Scots Gaelic, is one of the Celtic languages, closely related to Irish Gaelic and Manx Gaelic. At one time (c. 1000 AD) it was spoken throughout Scotland, but it has declined steadily since then and today is spoken by about 60,000 people — with the greated concentration living in the Hebrides.

The New Testament was first published in Scottish Gaelic in 1767. The Old Testament was completed in 1801, and a revised edition of the complete Bible was published in 1807. In 1911, Rev Calum Maclennan, D.D. edited a version of the Bible that was released as a pocket-bible, and this version forms the basis of the current text.  Work on this new version of the Gaelic Bible was commenced shortly after the Second World War. The editor was the Rev. Thomas M. MacCalman, M.A., D.D., and he worked on it until his death in January 1984.

With the support and prompting of the National Bible Society of Scotland, work on this version was restarted in 1986. The editor was Donald Eachann Meek, M.A., Ph.D., F.R.Hist.S., a lecturer in the department of Celtic Languages at the University of Edinburgh. The spelling of the Bible was revised and brought into line with the rules of the S.C.E. Board of Examinations with the support and help of Dr MacCalman and following the wishes of the Gaelic Panel of the Bible Society. The National Bible Society of Scotland (since 2000 now known as the Scottish Bible Society) published this new version in 1992.

A project was started in August 2014 to digitise the 1992 Gaelic Bible, as it was desired to have it available online and in digital formats. (This process also corrected some typographical errors in the printed text.) The following deserve great thanks for their work on this: Rev. Kenneth M. Ferguson, Morag Maclean, Annie MacSween, Catriona Murray, Morag MacDonald, Angus Morrison, Joan MacInnes, Anne Kennedy, Neil Smith, Ruairidh Maclean, Chrissie MacRae and Donald I. Macdonald.

© Scottish Bible Society 1992, 2016

Faisnéis Fé Chóipcheart

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2016
© Scottish Bible Society 1992, 2016