Foirm chuardtha

Sailm Dhaibhidh 1

SALM I.

1'S beannaicht' an duine sin nach gluais

an comhairle nan daoi,

An slighe fhiair nam peacach baoth

na sheasamh fòs nach bi;

An cathair fanaid luchd an spòrs

nach togair suidh' gu bràth,

2Ach ga bheil toil do naomh-reachd Dhè,

ga smaoineach' oidhch' is là.

3Mar chraoibh is amhlaidh bithidh e

'n cois aibhne fàs a tha,

A bheir na h‑aimsir toradh trom,

gun duilleach chall no blàth.

Soirbhichidh leis gach nì dan dèan:

4ni h‑amhlaidh sin do bhi

Na daoine peacach, ach mar mholl

air fhuadachadh le gaoith.

5Is uime sin cha seas a suas

na h‑aingidh anns a' bhreith,

No peacaich ann an comann naomh

nam fìreanach air leth.

6Oir 's fiosrach Dia air slighe ghloin

nam fìreanach air fad;

Ach slighe fhiar nam peacach baoth,

dì‑mhilltear i gu grad.

Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)

© Comann Bhìoball na h-Alba 2000, 2016
© Scottish Bible Society 2000, 2016

More Info | Version Index