Foirm chuardtha

Lebhiticus 16

1Agus labhair an Tighearna ri Maois an dèidh bàs dithis mhac Aaroin, nuair a thug iad seachad tabhartas an làthair an Tighearna, agus a bhàsaich iad:

2Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.

3Mar seo thèid Aaron a‑steach don ionad naomh: le tarbh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte.

4An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn-anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad.

5Agus o choitheanal chloinn Israeil gabhaidh e dà bhoc o na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus aon reithe a‑chum ìobairt-loisgte.

6Agus bheir Aaron seachad tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios air a shon fhèin: agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe.

7Agus gabhaidh e an dà bhoc-goibhre, agus nochdaidh e iad an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail.

8Agus tilgidh Aaron croinn air an dà bhoc; aon chrann airson an Tighearna, agus crann eile airson a’ bhuic a thèid as.

9Agus bheir Aaron leis am boc air an do thuit an crann airson an Tighearna, agus ìobraidh e e mar ìobairt-pheacaidh.

10Ach am boc air an do thuit an crann gun leigte as e, nochdar beò e an làthair an Tighearna, gu rèite a dhèanamh leis, a‑chum a leigeadh as saor don fhàsach.

11Agus bheir Aaron leis tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, a bhios air a shon fhèin, agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe: agus marbhaidh e tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, a bhios air a shon fhèin.

12Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh-bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn-bhrat e.

13Agus cuiridh e an tùis air an teine an làthair an Tighearna, a‑chum gun còmhdaich neul na tùise a’ chathair-thròcair, a tha air an Fhianais, agus nach faigh e bàs.

14Agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le a mheur air a’ chathair-thròcair a‑chum na h‑àird an ear: agus fa chomhair na cathair-thròcair crathaidh e den fhuil seachd uairean le a mheur.

15An sin marbhaidh e boc-goibhre na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì e ra fhuil-san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair-thròcair, agus fa chomhair na cathair-thròcair.

16Agus nì e rèite airson an ionaid naoimh a‑thaobh neòghlaine chloinn Israeil, agus a‑thaobh an seachranan nam peacaidhean gu lèir: agus mar seo nì e airson pàillean a’ choitheanail a tha a chòmhnaidh maille riu, ann am meadhon an neòghlaine.

17Agus duine sam bith cha bhi ann am pàillean a’ choitheanail, nuair a thèid e a dhèanamh rèite anns an ionad naomh, gus an tig e a‑mach, agus gu bheil e air dèanamh rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe, agus airson uile choitheanal Israeil.

18Agus thèid e a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑altarach a tha am fianais an Tighearna, agus nì e rèite air a son; agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus de fhuil a’ bhuic agus cuiridh e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt.

19Agus crathaidh e oirre den fhuil le a mheur seachd uairean, agus glanaidh e i, agus naomhaichidh e i o neòghlaine chloinn Israeil.

20Agus nuair a bhios e air dèanamh rèite airson an ionaid naoimh, agus airson pàillean a’ choitheanail, agus airson na h‑altarach, bheir e leis am boc-goibhre beò:

21Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheò, agus aidichidh e os a chionn uile lochdan chloinn Israeil, agus an uile sheachranan nam peacaidhean gu lèir, agus cuiridh e iad air ceann a’ bhuic, agus cuiridh e air falbh e le làimh duine iomchaidh don fhàsach.

22Agus giùlainidh am boc-goibhre air fhèin an lochdan gu lèir gu fearann air leth: agus leigidh e air falbh am boc anns an fhàsach.

23Agus thèid Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus cuiridh e dheth an t‑èideadh anairt, a chuir e air nuair a chaidh e a‑steach don ionad naomh, agus fàgaidh e an sin e.

24Agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge anns an ionad naomh, agus cuiridh e air a èideadh, agus thig e a‑mach, agus ìobraidh e a ìobairt-loisgte fhèin, agus ìobairt-loisgte an t‑sluaigh; agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh.

25Agus saill na h‑ìobairt-pheacaidh loisgidh e air an altair.

26Agus esan a leig as am boc-goibhre mar bhoc saor, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge; agus na dhèidh sin thèid e don champ.

27Agus an tarbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh, agus am boc-goibhre airson na h‑ìobairt-pheacaidh, den tugadh am fuil a‑steach a-chum rèite a dhèanamh anns an ionad naomh, bheirear a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ; agus loisgidh iad anns an teine an craiceann, agus am feòil, agus an aolach.

28Agus esan a loisgeas iad, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus na dhèidh sin thèid e don champ.

29Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg;

30Oir air an là sin nì an sagart rèite air ur son, a‑chum ur glanaidh: o ur peacaidhean gu lèir an làthair an Tighearna glanar sibh.

31Bidh e na shàbaid tàimh dhuibh, agus irioslaichidh sibh ur n‑anaman, le òrdagh sìorraidh.

32Agus nì an sagart a dh’ungas e, agus a choisrigeas e gu frithealadh ann an àit a athar, an rèite: agus cuiridh e air an t‑èideadh anairt, eadhon an trusgan naomh.

33Agus nì e rèite airson an ionaid ro‑naoimh, agus airson pàillean a’ choitheanail, agus airson na h‑altarach nì e rèite; mar an ceudna airson nan sagart, agus airson uile shluagh a’ choitheanail nì e rèite.

34Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a-chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index